Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 1

Na bha tachairt san Roinn Eòrpa 's sa Ghàidhealtachd mus do dh'èigheadh an cogadh am Breatann. Gilleasbuig MacDonald with a snapshot of events leading up to the First World War.

Gach seachdain bidh sinn a' toirt thugaibh iomradh deich mionaidean air tachartasan a' chogaidh agus an t-seachdain sa cluinnidh sinn mu na bha mar mheadhan air a' chogadh tòiseachadh. Gheibh sinn boillsgeadh cuideachd air an seòrsa saoghal a bh' againn ann a 1914 agus mar a bha beatha làitheil air Ghàidhealtachd agus sna h-eileanan aig an àm. Tha am prògram air a thoirt thugainn le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

10 minutes

Last on

Sat 2 Aug 2014 10:50

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Seachdain sa Chogadh

Clip

Seachdain sa Chogadh

Bruaillean cogaidh anns an tìr
Faic an long a' togail sheòl,
Cluinn an druma 's fuaim na pìob
Faic na suinn a' dol air bòrd.


Blàth nan cailin, Sìne Bhàn
Reul nan nighean, dìleas òg,
Cuspair dìomhair i dom dhàn,
Gràdh mo chridh', an rìbhinn òg.Ìý
Ìý
An t-òran a sgrìobh Donnchadh MacIain à Ìle air a sheinn a siud le Alasdair Ros. Phòs Donnchadh MacIain a' bhliadhna a thòisich an Cogadh Mòr agus b' ann nuair a b’ fheudar dha a’ bhean ùr fhàgail an Ìle airson aghaidh a chuir air ris a' bhlàr a sgrìobh e Sìne Bhan, dìreach ceud bliadhna an ama seo.


Dh’fhalbh e mar a dh’fhalbh na mìltean mòra eile.


Bha Donnchadh anns an Ochdamh Argyll and Sutherland Highlanders agus an iomadh dòigh bha e fortanach. An dèidh a mhilleadh le gas puinnseanta ann an 1916, thàinig air tilleadh dhachaigh. Fhuair e seachad air agus bha e beò gu robh e còrr math air trì fichead sa còig.


Ach cha b’e sin e do mhòran:


Chaochail millean is seachd ceud mile Ruiseanach sa Chiad Chogadh
Chaidh millean is sia ceud mile Gearmailteach a mharbhadh sa Chiad Chogadh
Chaill faisg air millean is ceithir cheud mìle Frangach am beatha sa Chiad Chogadh
Chaill còrr air sia ceud mile gu leth Breatannach am beatha sa Chiad Chogadh


Chan eil a sin ach eisimpleirean, Air fad, chaill faisg air ochd millean neach am beatha ri linn a’ Chogaidh, ann an dùthchannan mar a’ Ghrèig is an Ungar, Astràilia is SealainnÌý Nuadh, an Eadailt is an Tuirc, Canada is Serbia.


Air fad chaidh faisg air dhà air fhichead millean neach a leòn is chan eil fios dè thachair dha faisg air dà mhillean neach eile.


Ìý

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Thu 31 Jul 2014 21:03
  • Sat 2 Aug 2014 10:50