Main content

An t-Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba Port R矛gh

Seirbheis bho 2001 c貌mhla ris an Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba Port R矛gh. Gaelic archive religious service conducted by Rev John Ferguson, Portree Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 2: 7-8 air fonn Montrose agus 's e E貌in MacLe貌id a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort R矛gh.
Salm 45: 10-11 air fonn Torwood agus D貌mhnall Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Leughaidhean: E貌in 6: 1-15 & Leabhar an Taisbeanaidh 19: 11-13
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 19: 11-13

Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain ann an Uibhist a Tuath anns a' Mh脿irt 1937. An d猫idh dha an sgoil fh脿gail bha e ag obair ann an Uibhist agus air t矛r-m貌r, a' falbh bho obair gu obair. Aig an 脿m sin cha robh miann sam bith aige dreuchd s貌nraichte a leantainn.
Th脿inig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha d霉sgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b'ann sa bhliadhna as d猫idh sin chaidh e gu Colaiste a Faith Mission ann an D霉n 脠ideann airson tr矛 bliadhna. As d猫idh grunn bhliadhnaichean a chuir seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an 脠irinn, dh'fhairich e gun robhas ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e 脿s an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean 脿s d猫idh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chr矛osdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.
Anns an 脪g Mhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chl猫ir Ghlaschu agus anns an D脿mhair a' bhliadhna sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois ann a Nis ann a Le貌dhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fh猫in agus an teaghlach gu Port R矛gh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanal ann an 2002. Rinn e fh猫in is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far an robh e fhathast a' searmonachadh bho 脿m gu 脿m.
Ph貌s Mgr Fearghasdan Oighrig NicPh脿il ann an 1969 agus bha tri霉ir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha tri霉ir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na c霉l-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd 脿s d猫idh dha a dhreuchd a leigeil seachad . Chan eil fada bhon a chaidh leabhar, Crown Him Lord of All, anns a bheil c貌rr is fichead de na searmoin aig Iain a chl貌-bhualadh, pr貌iseact air an do th貌isich e fh猫in mus do bh脿saich e agus air na chuir Oighrig cr矛och.
Bh脿saich Iain air an t-siathamh l脿 den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

4 days left to listen

30 minutes

An t-Urr Iain Fearghasdan

An t-Urr Iain Fearghasdan

Broadcasts

  • Sun 13 Sep 2015 21:00
  • Sun 11 Feb 2018 21:00
  • Sun 7 Nov 2021 21:00
  • Sun 25 Aug 2024 21:00