Main content
Sorry, this episode is not currently available

Series following students training to become ministers. In the final episode, the end-of-year exams loom, and the students must do well enough to continue into the second year.

Sreath ùr a' leantainn oileanaich anns a' chiad bhliadhna aca ann an Seimeanaraidh Diadhachd Dhùn Èideann agus iad a' cuir roimhpe a bhith nam ministearan ann an Eaglais Shaor na h-Alba.

Anns a' phrògram mu dheireadh dhen t-sreath tha deuchainnean aig deireadh a' chiad bhliadhna air fàire agus uallach air na h-oileanaich faighinn troimphe airson leantainn chun an dàrna bliadhna. Tha uallach de sheòrsa eile air Iain agus e air a thaghadh mar riochdaire nan oileanach air comataidh an teatha 'sa chofaidh - agus anns a' bhad chan eil cùisean a' dol mar a dh'iarradh e!
Tha deagh naidheachd aig Mark; tha Daibhidh a' toirt taic dha Pòl agus e a' searmonachadh don cho thional dham buin e ann an Lìte airson a' chiad uair; agus tha seachdain aig Seanadh na h-Eaglaise Saoire a' toirt blas dha na h-oileanaich air dè a bhios roimhpe mar mhinistearan anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Series following students in their first year at Edinburgh Theological Seminary as they begin training to become ministers in the Free Church of Scotland.

In the final programme of the series, the end-of-year exams loom, and the students are under pressure to do well to enable them to continue into the second year. Iain also comes under a different type of pressure when he's elected to the catering committee - and things don't go quite according to plan!

Mark has some great news, David comes along to give Paul support when he preaches for the first time to his congregation in Leith, and the students get a taste of their future life in the ministry when they attend the Free Church General Assembly.

30 minutes