Main content

Gheibh sinn a-mach mu Leabaidh na Bà Bàine ann an Geàrrloch anns an litir aig Ruairidh an t-seachdain-sa. Another story from Ruairidh.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 24 Feb 2016 23:00

Clip

Litir 866: Mac Gille Mhaoil na Cruit (1)

Faisg air an t-seann chladh ann an Geàrrloch, tha lag ann a tha nise mar phàirt de raon-goilf. Uaireigin bhiodh na ceudan a’ cruinneachadh ann airson seirbheisean eaglaise. Bha sin aig àm a’ chomanachaidh nuair a bha cus dhaoine ann airson a dhol am broinn na h-eaglaise fhèin. Ach tha ainm annasach air an lag, a bhuineas do linn nas sine na sin. ’S e an t-ainm – Leabaidh na Bà Bàine. Thathar ag ràdh gur e Fionn MacCumhail fhèin a rinn an lag gus gum biodh àite-breith aig a’ bhoin bhàin aige. Leabaidh na Bà Bàine.

            Bha muinntir na sgìre ag innse sgeulachdan na Fèinne airson ceudan bhliadhnaichean. Agus seo agaibh seann stòiridh à Geàrrloch – Mac Gille Mhaoil na Cruit. Tha ‘cruit’ an seo a’ ciallachadh nàdar de chlàrsach a bhathar a’ cluich o chionn fhada.

            Bha fear a bha seo a’ fuireach ann an Inbhir Àsdail air cladach Locha Iù. Bha e na Dhòmhnallach ach bha e beò ri linn nan ciad uachdaran aig Chloinn ’ic Coinnich ann an Geàrrloch. Bha sin timcheall an t-siathamh linn deug. Bha an Dòmhnallach seo cianail fhèin measail air sgeulachdan na Fèinne.

            Oidhche gheamhraidh a bha seo, bha e na shuidhe làimh ris an teine nuair a thàinig duine bochd don taigh aige. Dh’fheòraich e am faigheadh e cead fuireach airson na h-oidhche. Thuirt an Dòmhnallach gum faigheadh. Cho luath ’s a shuidh an coigreach sìos, chuir an Dòmhnallach ceist air – ‘A bheil dad agad air an Fhèinn?’ Thuirt an coigreach gun robh agus thòisich e air sgeulachdan innse nach cuala am fear eile riamh roimhe.

            Mus deach an aithris ro fhada, dh’fheòraich fear an taighe gu dè an t-ainm a bh’ air an fhear eile.

            ‘Mac Gille Mhaoil na Cruit,’ thuirt an coigreach. Dh’inns an dithis stòiridhean na Fèinne do chèile fad na h-oidhche. Cha robh fear seach fear dhiubh air taobh a-staigh na leapa fhaicinn nuair a dh’èirich a’ ghrian.

            Dh’fhuirich Mac Gille Mhaoil fad a’ gheamhraidh còmhla ris an Dòmhnallach. Dh’aithris e sgeulachd ùr mun Fhèinn a h-uile oidhche. Thàinig an t-Earrach agus obair an treabhaidh. Nuair a bha e ris an treabhadh, aig ceann gach sgrìob, bha sgeul ùr aig Mac Gille Mhaoil mun Fhèinn. Gach turas a chuala an Dòmhnallach a leithid de stòiridh, chanadh e, ‘Is truagh nach robh mi beò ri linn na Fèinne; ’s mi a dh’fhàgadh gach nì agus a leanadh iad.’

            Bhiodh an Dòmhnallach ag obair fad an latha agus bhiodh e claoidhte air an oidhche. Mar sin, ’s e Mac Gille Mhaoil a bhiodh a’ saodachadh nan each chun a’ mhonaidh gach feasgar. Bha e a’ dol leotha cho fada ri Feadan Mòr Locha Dring – àite a bha ainmeil airson ghnothaichean os-nàdarrach agus mar àite-còmhnaidh na Fèinne.

            Gach dàrnacha oidhche, bhiodh Mac Gille Mhaoil a’ fuireach cuide ris na h-eich fad na h-oidhche mus tilleadh e dhachaigh. Agus air an latha a thilleadh e, bhiodh sgeul ùr aige mun Fhèinn. Chanadh an Dòmhnallach mar a bu dual dha, ‘Is truagh nach robh mi beò ri linn na Fèinne; ’s mi a dh’fhàgadh gach nì agus a leanadh iad.’

            Mu dheireadh, thuirt Mac Gille Mhaoil ris, nan tigeadh an Dòmhnallach còmhla ris, gum faigheadh e sealladh air an Fhèinn. Agus chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: lag: hollow; raon-goilf: golf course; Leabaidh na Bà Bàine: the bed of the white cow; coigreach: stranger; claoidhte: exhausted.    

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Faisg air an t-seann chladh ann an Geàrrloch: near the old burial ground in Gairloch; uaireigin bhiodh na ceudan a’ cruinneachadh ann: at one time hundreds would gather there; àm a’ chomanachaidh: communion time; a bhuineas do linn nas sine: which belongs to an older time; ag innse sgeulachdan na Fèinne: telling Fingalian legends; Mac Gille Mhaoil na Cruit: MacMillan the Harpist; Inbhir Àsdail air cladach Locha Iù: Inverasdale on the shore of Loch Ewe; beò ri linn nan ciad uachdaran aig Chloinn ’ic Coinnich: living at the time of the first Mackenzie lairds; cianail fhèin measail air: extremely keen on; oidhche gheamhraidh a bha seo: one winter’s night; dh’fheòraich e am faigheadh e cead fuireach: he asked if he might stay; a bheil dad agad air an Fhèinn?: do you know any Fingalian stories?; nach cuala am fear eile riamh roimhe: that the other man had never heard; cha robh fear seach fear dhiubh air taobh a-staigh na leapa fhaicinn nuair a dh’èirich a’ ghrian: neither had seen the inside of a bed when the sun rose; nuair a bha e ris an treabhadh: when he was ploughing; aig ceann gach sgrìob: at the end of every furrow; is truagh nach robh mi beò ri linn na Fèinne: it’s a pity I wasn’t alive in the days of the Fingalians; ’s mi a dh’fhàgadh gach nì agus a leanadh iad: it’s myself that would leave everything [to] follow them; Feadan Mòr Locha Dring: the big runnel near Loch Dring [given as Loch an Draing on OS maps]; airson ghnothaichean os-nàdarrach agus mar àite-còmhnaidh na Fèinne: for supernatural things and as a dwelling place of the Fingalians; gach dàrnacha oidhche: every second night; mar a bu dual dha: as was his wont; gum faigheadh e sealladh air: that he would get to see.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: gum biodh àite-breith aig a’ bhoin bhàin aige: that his white cow would have a birthing-place. This inflected form of ²úò might seem a bit old-fashioned to many today, but you’ll still hear it used on Skye and Uist. It is the dative singular form. Because feminine nouns traditionally slenderise in the dative singular, so the adjective also slenderises. It also lenites like the noun, so we get ‘bhoin’.Ìý

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: a bhiodh a’ saodachadh nan each chun a’ mhonaidh: who would drive the horses to the hill.

Broadcasts

  • Sun 21 Feb 2016 22:30
  • Wed 24 Feb 2016 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast