Main content

06/02/2017

Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain a-mach air ainmean-cinnidh a thàinig bhon t-ainm Finton - ainm baistidh an Naomh Mhunna. Letters for people learning Gaelic.

Available now

4 minutes

Last on

Mon 6 Feb 2017 19:00

Clip

An Litir Bheag 613

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhunnu, seann naomh Ceilteach. B’ e Finten ainm-baistidh. Dhiùlt Aba Ì, Baithéne, Finten a ghabhail mar mhanach. Bha Calum Cille air a ràdh ris gum biodh Finten na aba, seach na mhanach.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Fhuair Finten beannachd bho Bhaithéne agus sheòl e a dh’Èirinn. Thàinig an cunntas sin à Beatha Chaluim Chille. Chaidh a sgrìobhadh le Eònan, naoidheamh aba ÃŒ.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha cunntasan às Èirinn mu Fhinten. Nuair a bha e na ghille, bha e ri buachailleachd. Bha e a’ fàgail a chruidh anns a’ choille fhad ʼs a bha e ag ionnsachadh ann am manachainn. Ach bha a’ choille làn mhadaidhean-allaidh.

Thug athair trod dha. ‘Na gabhaibh dragh, athair,’ thuirt Finten. ‘Ma leigeas sibh leam a bhith ag ionnsachadh, cha chaill sibh gin dhen chrodh agaibh.’ Air an làrna-mhàireach, chunnaic athair dà mhadadh-allaidh anns a’ choille. Bha iad a’ coimhead às dèidh a’ chruidh mar a bhiodh dà chù dròbhaidh!

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha Finten – no Munnu – air a chuimhneachadh ann an ainmean pearsanta ann an Alba. Anns an t-seann aimsir, ghabh feadhainn an t-ainm Gille Mhunnu orra mar urram dha. Mar sin, nochd an t-ainm-cinnidh Mac Gille Mhunnu. Ann an dreach na Beurla, tha sin a’ nochdadh mar Makilmone, Mckilmoun, Makmun, McIlmune, Mackilune agus eile.

Anns an latha an-diugh, tha na h-ainmean-cinnidh MacMunn agus Munn cumanta gu leòr. ʼS ann à Mac Mhunnu a thàinig iad. Bidh sibh a’ cuimhneachadh gum b’ e Finten – no Fiontan – ainm-baistidh an naoimh. Mar sin, nochd an t-ainm Gille Fhiontain Às a sin, thàinig na h-ainmean-cinnidh a th’ againn an-diugh – MacClinton agus McAlinden. Tha dùil cuideachd gu bheil MacClintock – Mac Gill’ Fhionntaig – a’ comharrachadh an dearbh dhuine. Ma dh’fhaodte gu bheil McLentick a’ tighinn bhon aon fhreumh – agus gun deach ainmean dhen t-seòrsa seo a ghiorrachadh gu Lindsay.

An do mhothaich sibh do dh’aon rud? Tha an t-ainm MacClinton – agus Clinton – a’ cuimhneachadh Finten. Mar sin, tha ainm an naoimh Ghàidhealaich seo air a chuimhneachadh anns an tè a bha a’ strì o chionn ceithir mìosan airson ceannas nan Stàitean Aonaichte. ʼS dòcha gur e Hillary Nic Gill’ Fhiontain a bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail oirre ann an Gàidhlig!

The Little Letter 613

I was telling you about Munnu, an old Celtic saint. His baptismal name was Finten. The Abbot of Iona, Baithéne, refused to take Finten as a monk. St Columba had said to him that Finten would be an abbot, rather than a monk.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Finten received a blessing from Baithéne and he sailed to Ireland. That account came from Vita Columbae. It was written by Adamnan, the ninth abbot of Iona.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý There are accounts of Finten from Ireland. When he was a lad, he was involved in herding. He was leaving his cattle in the forest while he was learning at a monastery. But the forest was full of wolves.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý His father scolded him. ‘Don’t be upset, father,’ said Finten. ‘If you permit me to be learning, you will not lose any of your cattle.’ Next day, his father saw two wolves in the forest. They were looking after the cattle as if they were two droving dogs.

Ìý

ÌýÌýÌýÌý ÌýÌýÌýFinten – or Munnu – is remembered in personal names in Scotland. In olden times, some people adopted the name Gille Mhunnu to show devotion to him. Thus, the surname Mac Gille Mhunnu appeared. In Anglicised form, that appears as Makilmone, Mckilmoun, Makmun, McIlmune, Mackilune and others.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Today, the surnames MacMunn and Munn are common enough. They came from Mac Mhunnu. You will recall that Finten – or Fiontan – was the saint’s baptismal name. Thus, the name Gille Fhiontain appeared. From that came the surnames we have today – MacClinton and McAlinden. I also imagine that MacClintock – Mac Gill’ Fhionntaig – marks the very same man. Perhaps McLentick comes from the same root – and that names of this type were shortened to Lindsay.

Ìý

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌý Did you notice something [one thing]? The name MacClinton – and Clinton – remember Finten. Thus, the name of this Gaelic saint is remembered in the woman who was struggling four months ago for the leadership of the United States. Perhaps we should be calling her Hillary Nic Gill’ Fhiontain in Gaelic!

Broadcast

  • Mon 6 Feb 2017 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast