Main content

29/05/2017

Tha litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain a' bruidhinn air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus an ceangal a bh'aige ri tràileachd. Letters for people learning Gaelic.

Available now

4 minutes

Last on

Mon 29 May 2017 19:00

Clip

An Litir Bheag 629

Bha mi a’ bruidhinn mu chuilc an t-siùcair an t-seachdain sa chaidh. Sugar cane. Cuilc an t-siùcair. ʼS iomadh Albannach a fhuair fearann fo sgèith na h-Ìmpireachd agus a dh’fhàs cuilc an t-siùcair air. Bha sin gu h-àraidh fìor anns na h-Innseachan an Iar.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus tha sin gam thoirt gu tràilleachd. ʼS iomadh togalach brèagha ann an Alba a chaidh a thogail le airgead à tràilleachd. ʼS iomadh duine dubh, le sinnsireachd anns na h-Innseachan an Iar, air a bheil ainm-cinnidh Albannach.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ann an Inbhir Nis, chaidh an Acadamaidh Rìoghail a thogail aig deireadh an ochdamh linn deug. Thàinig an treas cuid dhen chalpa airson a togail às na h-Innseachan an Iar. Bha cuid dheth às oighreachdan far an robh cuilc an t-siùcair a’ fàs. Agus far an robh tràillean ag obair.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha an acadamaidh air sràid ùr – New Street – faisg air far a bheil Stèisean-rèile Inbhir Nis an-diugh. Fhuair an sgoil cùmhnant rìoghail bho Rìgh Deòrsa III. Bha i air an làraich sin airson ceud bliadhna. Chaidh ainm ùr a thoirt air an t-sràid – Sràid na h-Acadamaidh. ʼS e sin ainm na sràide fhathast. On uair sin, tha an sgoil air gluasad gu diofar làraichean ùra. ʼS i an àrd-sgoil ann an Inbhir Nis far a bheil cuspairean air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Rinn an t-eòlaiche-eachdraidh, Daibhidh Alston, rannsachadh air clann dubha ann an sgoiltean na Gàidhealtachd anns an naoidheamh linn deug. Fhuair e a-mach gun robh sgoilearan dubha ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. ʼS e a bh’ annta ach clann aig fir às a’ Ghàidhealtachd. Bha na fir air boireannaich dhubha a phòsadh nuair a bha iad a’ ruith no ag obair air tuathanasan siùcair anns na h-Innseachan an Iar. Bha cuid de na boireannaich nan tràillean.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha Daibhidh Alston dhen bheachd gun robh muinntir na h-Alba gu math fosgailte mu dhaoine dubha aig an àm sin. Bha iad car saor de ghràin-chinnidh, ged a bha sin a’ dol a dh’atharrachadh. An-ath-sheachdain bheir mi sùil air turas ainmeil a rinn tràill Ameireaganach a dh’Alba agus mar a thug e slaic air an Eaglais Shaoir airson airgead a ghabhail à tràilleachd.

The Little Letter 629

I was speaking about sugar cane last week. Sugar cane. Sugar cane. Many a Scot got land under the auspices of the Empire and grew sugar cane on it. That was particularly true in the West Indies.

ÌýÌýÌýÌý ÌýÌýÌýAnd that brings me to slavery. Many a beautiful building in Scotland was built with money from slavery. Many a black person, with ancestry in the West Indies, carries a Scottish surname.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý In Inverness, the Royal Academy was built at the end of the eighteenth century. A third of the capital to build it came from the West Indies. Some of it was from estates where sugar cane was growing. And where slaves were working.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý The academy was on a new street – [called] New Street – near where Inverness Railway Station is today. The school received a royal charter from King George III. It was on that site for a hundred years. A new name was given to the street – Academy Street. That’s still the street’s name. Since then, the school has moved to different sites. It’s the high school in Inverness where subjects are taught through the medium of Gaelic.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý The historian David Alston did research on black children in Highland schools in the nineteenth century. He found out that there were black pupils at Inverness Royal Academy. They were children of men from the Highlands. The men had married black women when they were running or working on sugar estates in the West Indies. Some of the women were slaves.

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý David Alston reckons that the people of Scotland were pretty open about black people at that time. They were somewhat free from racial prejudice, although that was going to change. Next week I’ll look at a famous journey an American slave made to Scotland and how he criticized the Free Church for taking money from slavery.

Broadcast

  • Mon 29 May 2017 19:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast