Main content
Sorry, this episode is not currently available

Exploring Tent City Jail, Arizona, where inmates sleep in tents and work in chain gangs.

’S e seo sia de na prìosain as miosa san t-saoghal, prìosain cho cruaidh ’s gu bheil iad fiù ’s a’ cur eagal air murtairean agus stiùirichean nam prasgain. Thairis air ceithir mòr thìrean agus sia prìosain, tha am prògram seo a’ dol air cùl nan geataichean, nam ballachan, nan uinneagan crannaichte agus nan ceallan gu saoghal air nach eilear eòlach, saoghal a tha ann, ach nach eil duine airson smaoineachadh mu dheidhinn.

Tha riaghailtean agus smachd ann an cuid dhiubh, mì-rian ann an cuid eile, a’ dèanamh cùisean duilich dhan h-uile neach a tha beò annta. Tha gach prògram a’ sealltainn rudeigin eadar-dhealaichte mu dheidhinn saoghal nam prìosanach: a’ chiad oidhche sa phrìosan, màthraichean a’ togail an cuid chloinne fo ghlas agus eucoraich a’ feitheamh ri cùirt, a bhios a’ co-dhùnadh dè tha an dàn dhaibh.

Anns a’ phrògram seo, tha na prìosanaich a’ cadal ann an teantaichean an airm agus ag obair ann am prasgain seine ann an teas fàsach Arizona.

These are six of the toughest prisons in the world, prisons so tough even gang bosses and killers learn the meaning of fear. Across four continents, six different prisons, this series takes us beyond the gates, walls, barred windows and cells into an unknown world, a world we know exists, but a world nobody wants to think about. Rules and rigid routine in some, total anarchy in others, making it hell on earth for every inmate.

Each episode delves into the world of prisoners: newcomers who spend their first night in jail, mothers who have to raise their children behind bars and felons waiting for a court to decide their fate.

This episode explores Tent City Jail, Arizona, where inmates sleep in tents and work in chain gangs.

48 minutes

Broadcasts