Main content
Sorry, this episode is not currently available

Pearù - Suidheachaidhean cunnartach air an t-slighe gu sgoil. The daily dangers facing the children of Peru as they journey to school.

Feumaidh a' chlann san t-sreath seo coiseachd, sreap neo snàmh ann an suidheachaidhean cunnartach air an t-slighe gu sgoil. Chan eil eagal orra bho fhuachd sgriosail neo bho thìr chunnartach. Thig orra strì an aghaidh tuiltean agus seasamh ri beathaichean fiadhaich. Chan eil aca ach aon amas: foghlam a nì leasachadh air am beatha. Ach 's e slighe dàna agus cunnartach a th' aca. 'S ann aig a' chloinn seo a tha na slighean gu sgoil as cunnartaiche air thalamh – agus cuid dhen fheadhainn as bòidhche cuideachd.

'S i Loch Titicaca an loch as motha ann an Ameireaga a Deas agus an raon uisge as àirde a ghabhas a sheòladh. Seo dachaigh nan Uro; seann shluagh ris an canar sliochd nan Inca. 'S iad muinntir nan eilean fleòdrach, sluagh beag, timcheall air dà mhìle a bhios a' fuireach ann an coimhearsnachd beag air caogad eilean fleòdrach. Gach latha, bho na ceàrnan as iomallaiche, bidh a' chlann as òige a' dol dhan sgoil ann an eathraichean beaga.

Facing the most extreme conditions, the children in this series must march, climb or swim their way to school. In doing so, they fear neither brutal cold nor dangerous terrain. They must conquer floods and face wild animals. And yet they have only one goal in sight: education and a better life. But the path towards this goal is a breathtaking mixture of adventure and danger. These children have the most spectacular and most dangerous way to school in the world: sometimes the most beautiful as well.

Lake Titcaca is the largest lake in South America and the highest navigable body of water. Living here are the Uro, an ancient people described at times as the only descendants of the Incas. They are the people of the floating islands, a tiny community of about 2,000 and 50 swimming islands. Every day from the furthest corners, the youngest inhabitants paddle their way in their small boats to school.

50 minutes

Broadcasts