Main content
Sorry, this episode is not currently available

Parkinson's (Na Làithean Shoogly)/Parkinson's (The Shoogly Days)

Episode 1 of 13

Sealladh air a’ bhuaidh a th’ aig Parkinson's air daoine. A look at the impact of Parkinson's.

Tha Parkinson's na thinneas anns a bheil an eanchainn a’ crìonadh, agus le sluagh a tha a’ fàs nas sine, tha e a’ fàs nas cumanta. Tha e cuideachd ge-tà a’ toirt buaidh air daoine nas òige, rud nach eil a’ mhòr-shluagh ‘s dòcha a’ tuigsinn.

Ann am Breatainn tha timcheall air 127,000 duine air a bheil Parkinson's, agus ann an Alba tha timcheall air 12,000 air a bheil an tinneas.

Cluinnidh sinn mun bhuaidh a th’ aig Parkinson's air daoine agus an teaghlaichean, agus mu mar a tha an cor ann an iomadach suidheachadh air toirt buaidh air am beatha as ùr.

Cluinnidh sinn cuideachd mun t-sàr obair a tha cuid de dh’euslaintich ainmeil air a bheil Parkinson's air a dhèanamh, gu sònraichte Michael J Fox, Muhammad Ali agus Billy Connolly. Tha buidhnean taic sònraichte agus clasaichean a chaidh a dhealbhadh a dh’ aona ghnothach a tha ag amas air a bhith cruthachail agus a bhith gluasad, cuideachd a’ dèanamh diofar.

Tha cuid den rannsachadh meidigeach as adhartaiche san Roinn Eòrpa a’ gabhail àite ann an Alba cuideachd, agus tha an rannsachadh sin agus leasachaidhean ùra misneachail eile, a’ toirt dòchas san àm ri teachd.

Parkinson's is a degenerative illness of the brain, and as our population gets older, is getting much more common. However it can affect people at a much younger age than is often perceived. There are estimated to be 127,000 people with Parkinson's in the UK, while in Scotland there are approximately 12,000 with the condition.

We hear of the impact of Parkinson's on individuals and their families, and also how the condition has in ways given many a renewed focus to their lives. We hear of the work of some celebrity Parkinson's patients, in particular Michael J Fox, Muhammad Ali and Billy Connolly. Specific support groups annd specially designed classes, focusing on movement and creativity are also making a difference.

Some of the most highly regarded medical research in Europe is also being carried out in Scotland, and new research and recent positive developments give hope looking to the future.

In Gaelic with English subtitles.

59 minutes

Last on

Tue 26 Apr 2022 22:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Trusadh

Broadcasts