Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 5

Annabel MacLennan reports from Taranto in southern Italy and Andreas Wolff is in Bosnia.

Tha Annabel NicIllFhinnein ag aithris à Taranto, an ceann a deas na h-Eadailt, mun bhuaidh aig truailleachd bho ionad-stàilinn an sin. Thar nam bliadhnaichean tha draghan air nochdadh mu ìrean thinneasan agus bàsan a-measg sluaigh na sgìre, agus mun bhuaidh aig an ionad air an àrainneachd.
Ann am Bosnia tha planaichean ann gus 300 damaichean beaga hydro a thogail son dealain ath-nuadhachail a chruthachadh. Tha Andreas Wolff ag aithris air mar a tha cuid a’ cur an aghaidh seo ge-tà, a’ ràdh gu bheil an seòrsa leasachaidh seo a’ milleadh nan aibhnichean.

Annabel MacLennan reports from Taranto in southern Italy about the long-running concerns among local people about pollution from a steel mill and its effects on public health and the environment.
In Bosnia there are currently plans for 300 micro dams to generate renewable electricity. But as Andreas Wolff reports, some people oppose the dams saying they are damaging local river systems and habitats.

29 minutes

Draghan mu thruaillidheachd bho ionad-stàlainn ann an Taranto

Draghan mu thruaillidheachd bho ionad-stàlainn ann an Taranto
A rèir rannsachaidh, ann an Taranto ann an ceann a deas na h-Eadailt, tha ceangal eadar ìrean aillse is bàs agus an truaillidheachd a tha factaraidh stàlainn ag adhbhrachadh. Tha Annabel NicIllFhinnein a' rannsachadh a' bhuaidh a th' aig an seo air muinntir an àite - cuid a th' air a bhith ag iomairt an aghaidh an fhactaraidh fad bhliadhnaichean.

Concerns about pollution from a steel mill in Taranto

Research has shown a link between cancer and death rates and the pollution caused by a steel plant in Taranto in southern Italy. Annabel MacLennan reports on the ways in which this has affected the residents of the city - many of whom have spent years campaigning against the plant.

Cuid a' cur an aghaidh sgeamaichean hydro ann am Bosnia

Cuid a' cur an aghaidh sgeamaichean hydro ann am Bosnia
Tha 244 abhainn ann am Bosnia agus planaichean ann gus 300 sgeama hydro a thogail. Mar a tha Andreas Wolff ag aithris, 's iad na sgeamaichean beaga as motha a chuireas dragh air daoine. Tha iad a' cur às leth nan companaidhean-dealain nach eil iad a' fàgail uisge dhaibh ri òl is gu bheil iad a' marbhadh an fhiadh-bheatha air fad. Tha planaichean ann gus 3000 dam a thogail air feadh sgìre nam Balkan.

Opposition to hydro schemes in Bosnia

There are 244 rivers in Bosnia and plans for 300 hydro schemes. As Andreas Wolff reports, the small schemes are the biggest worry for local people with concerns that electricity companies don't leave them enough drinking water and that they kill the rivers' wildlife. There are plans to build 3000 dams in the Balkans.

Broadcasts

Ö÷²¥´óÐã Naidheachdan

Ö÷²¥´óÐã Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon a' BhBC