Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 3

Episode 3 of 5

Tha Sweeny a’ dèanamh air Sealtainn airson a’ chiad uair a-riamh. Sweeny heads to Shetland for the first time.

Tha Sweeny a’ dèanamh air Sealtainn airson a’ chiad uair a-riamh agus e a’ faighinn an tuilleadh a-mach mu bheatha croitearachd anns na h-Eileanan mu Thuath. ’S e prìomh amas a thuras sùil a thoirt air seòrsa de thogalach ùr a dh’fhaodas diofar mòr a dhèanamh dha chuid phlanaichean ann an Leòdhas. Tha e air a bhith duilich dha Sweeny a chuid chaoraich agus uain a dhìon bho leithid starragan agus fithich. Dh’fhaodadh an togalach seo a bhith na àite sàbhailte dhaibh, agus fasgadh a thoirt dhaibh bho aimsir gharbh an taobh siar cuideachd. Air a dhealbh le companaidh ann an Sealtainn, agus coibhneil dhan àrainneachd, tha an togalach coltach ri polytunnel ach gu math nas làidire, agus comasach seasamh ri gaoth de 120msu!

Fhad ’s a tha e an sin tha e a’ gabhail an cothrom coinneachadh ri Eric Greumach, tuathanach a tha fìor eòlach air caoraich Shealtainneach - seòrsa caora a tha ùr do Sweeny, agus a tha air a bhith ag adhbharachadh trioblaid dha. Tha e cuideachd a’ faighinn tuilleadh a-mach mu shoirbheachas clòimh Shealtainn, agus na dh’fhaodadh e fhèin ionnsachadh mu dhòighean air stuthan clòimhe a leasachadh.

Sweeny heads to Shetland for the first time to find out more about crofting life in the Northern Isles. The main purpose of his trip is to check out a new type of building that could make a big difference to his future plans in Lewis. With the crows and ravens a threat to his sheep and lambs, this could provide a safe place to be, as well as protection from the weather. Designed by a Shetland company, it has a strong green ethos at its core, and is similar to a polytunnel but much stronger, and able to withstand 120mph winds!

While there, he takes the opportunity to meet up with Eric Graham, a farmer with many years experience of Shetland sheep - a breed that Sweeny has just started working with, and that have caused him some problems. He also finds out a bit more about the success of the wool industry in Shetland, to see how he can continue to make the most of his own wool.

In Gaelic with English subtitles

29 minutes

Credit

Role Contributor
Presenter Donald MacSween

Broadcasts