Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 16

Episode 16 of 19

Residents of the Bays of Harris Estate, in the Western Isles, are considering whether they should formally vote on a community buyout of their land.

Tha muinntir oighreachd Bhàgh na Hearadh anns na h-Eileanan Siar a’ beachdachadh air am bu chòir dhaibh sealbh fhaighinn air an fhearann aca fhèin. Tha Angela Nic’Illeathain a’ tomhas bheachdan cuid san sgìre, agus a’ tadhail air coimhearsnachdan air feadh Alba a tha air an ceum seo a ghabhail mar-thà.
Residents of the Bays of Harris Estate, in the Western Isles, are considering whether they should formally vote on a community buyout of their land. Angela Maclean gauges local opinion and also visits other communities throughout Scotland who have taken this step.

In Gaelic with English subtitles.

29 minutes

Ath-leasachadh fearainn

Ath-leasachadh fearainn

Tha muinntir oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh, Na h-Eileanan Siar, a' beachdachadh air am bu chòir dhaibh sealbh fhaighinn air an fhearann aca fhèin. Tha Angela Nic'illeathain a' tomhas bheachdan cuid san sgìre agus a' tadhal air coimhearsnachdan air feadh Alba a tha air an ceum seo a ghabhail mar-thà.

Ann an Linwood, faisg air Pàislig, thàinig grunn bhoireannaich còmhla gus sealbh fhaighinn air pìos talmhainn airson pàirc ball-coise a dhèanamh ann an oidhirp goireasan do mhuinntir na coimhearsnachd a leasachadh.

Chaidh a' chòir fearann a cheannach a thoirt do choimhearsnachdan dùthchail ann an 2003 le achd pàrlamaid, agus bho 2015 chaidh sin a leudachadh gu coimhearsnachdan anns na bailtean.

Ach chan eil e furasta sealbh fhaighinn air pìos talmhainn neo fearann. Faodaidh diofar bheachdan a bhith ann am measg sluagh na sgìre mu cho buannachail 's a tha e fearann neo pìos talmhainn a cheannach, gun luaidh air na conaltraidhean mionaideach, leantaileach a dh'fheumas tachairt eadar coimhearsnachdan is uachdarain.

Land reform

Land reform

The residents of the Bays of Harris Estate in the Western Isles are considering whether to go ahead with a community buyout. Reporter Angela Maclean gauges local opinion on the proposal and travels to communities throughout Scotland who have already taken that step.

In Linwood, near Paisley, a group of local women came together to improve facilities for young people which culminated in obtaining some land from the council on which a football pitch was built.

The community 'right to buy' was first established by an act of parliament in 2003 and since 2015 this has been extended to urban areas in addition to rural communities.

But securing any piece land in this way is not straightforward. Local differences of opinion on the benefits or otherwise of a community buyout are common, and detailed and often protracted negotiations between community interests and landowners can accompany the process.

Broadcasts

Ö÷²¥´óÐã Naidheachdan

Ö÷²¥´óÐã Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon a' BhBC