Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 2

Tha an teaghlach a’ tighinn còmhla gus deasachadh airson tachartas bliadhnail gu math cudromach. The family pull together as they prepare for Mother’s Day.

Tha còrr agus deich thar fhichead bliadhna bho chuir bràithrean Ailean agus Eòghainn MacIlleathain taigh-fuine air bhonn ann am Beinn na Faoghla. Thairis air na bliadhnaichean tha iad air biadh a dheasachadh airson iomadach tachartas air feadh Uibhist, beag agus mòr. Gach là, tha a h-uile seòrsa cèic, bonnach, briosgaid agus aran air an sgaoileadh air feadh nan Eilean Siar, ach cuideachd air feadh Alba.

Tha taigh-bìdh trang am measg nan seirbheisean a tha iad a’ tabhainn agus tha bhan bìdh aca cuideachd a bhios a’ toirt biadh teth gu tachartasan air feadh nan Eilean Siar, ach ciamar a tha an sgioba teaghlaich a’ cumail smachd air na tha sin aig an aon àm?

Tha na sèasanan air an samhlachadh ann an iomadh dòigh ach anns an taigh-fuine, gu math tric, bidh cèicean agus bonnaich ag innse dè an t-àm dhen bhliadhna a tha air fàire. Anns an dàrna prògram san t-sreath, chithear Màrtainn ag ullachadh bonnaich na Càisge. Agus, anns an taigh-bìdh ann am Baile a’ Mhanaich, tha sinn a’ faicinn an teaghlaich a’ tighinn còmhla gus deasachadh airson tachartas bliadhnail gu math cudromach - Là nam Màthraichean.

Brothers Allan and Ewen Maclean opened a bakery in Benbecula over 30 years ago. Throughout the years they have prepared food for many large and small scale events in Uist. Each day, they send every type of cake, oatcake, biscuit and bread all over the Western Isles, but also to every corner of Scotland.

Amongst the services they provide is a busy restaurant as well as a trailer which delivers hot food to events all over the islands, but how do the family team manage to juggle everything?

In the bakery, the seasons are represented in many ways, with cakes and bannocks often defining the time of year that is approaching. Martin is preparing hot cross buns, and in the restaurant in Balivanich, we see the family pull together as they gear up for a very important annual event - Mother’s Day.

In Gaelic with English subtitles

29 minutes

Credit

Role Contributor
Narrator Calum Macaulay

Broadcasts