Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 4

Tha luchd-obrach an taigh-fuine ag ullachadh airson tachartasan sònraichte. The bakery staff prepare for some special events.

Tha còrr agus deich thar fhichead bliadhna bho chuir bràithrean Ailean agus Eòghainn MacIlleathain taigh-fuine air bhonn ann am Beinn na Faoghla. Thairis air na bliadhnaichean tha iad air biadh a dheasachadh airson iomadach tachartas air feadh Uibhist, beag agus mòr. Gach là, tha a h-uile seòrsa cèic, bonnach, briosgaid agus aran air an sgaoileadh air feadh nan Eilean Siar, ach cuideachd air feadh Alba.

Tha taigh-bìdh trang am measg nan seirbheisean a tha iad a’ tabhainn agus tha bhan bìdh aca cuideachd a bhios a’ toirt biadh teth gu tachartasan air feadh nan Eilean Siar, ach ciamar a tha an sgioba teaghlaich a’ cumail smachd air na tha sin aig an aon àm?
An t-seachdain seo, tha muinntir Uibhist a Tuath a-muigh nan dròbhan airson na fèill àiteachais agus far a bheil sluagh, bidh iarrtas ann airson biadh. Mar sin deagh chothrom airson a’ bhan bìdh a bhith a-muigh a-rithist. Chan eil luchd-obrach an taigh-fuine uair sam bith dìomhain is tòrr ullachaidh aca ri dhèanamh airson là mòr a’ Chiad Chomain don chloinn ann an Uibhist a Deas. Cuideachd, tha iad an sàs ann an tachartas mòr sònraichte ann am Beinn na Faoghla.

Brothers Allan and Ewen Maclean opened a bakery in Benbecula over 30 years ago. Throughout the years they have prepared food for many large and small scale events in Uist. Each day, they send every type of cake, oatcake, biscuit and bread all over the Western Isles, but also to every corner of Scotland. Amongst the services they provide is a busy restaurant as well as a trailer which delivers hot food to events all over the islands, but how do the family team manage to juggle everything?

This week, people from North Uist are out in their droves for the cattle show and where there is a crowd, there will be a need for food. A good opportunity for the catering van to be out again. The bakery staff are never idle, with lots of preparation for children in South Uist celebrating their First Holy Communion and for a special event taking place in Benbecula.

In Gaelic with English subtitles

29 minutes

Credits

Role Contributor
Narrator Calum Macaulay
Director Neil Campbell
Executive Producer Seumas Mactaggart
Executive Producer Margaret Mary Murray

Broadcasts