Main content

An Litir Bheag 808

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 808. Roddy Maclean is back with this week's short letter for Gàidhlig learners.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 8 Nov 2020 16:00

Clip

An Litir Bheag 808

A bheil leas no gàrradh agaibh? Ma tha, am bi sibh a’ fàs glasraich ann? Bidh mise, agus tha mi airson innse dhuibh mu lus a chuir mi am-bliadhna.

ʼS e an lus nàdar de chàl ris an can mise, ann an Gàidhlig, ‘³¦Ã ±ô buan’. Ann am Beurla, ʼs e perennial kale a thathar a’ gabhail air. Càl buan, no ³¦Ã ±ô buan-mhaireannach ma tha sibh ag iarraidh a bhith spaideil.

Fhuair mi an lus an-uiridh bho charaid ann an Sasainn. Tha esan fìor dhèidheil air gàirnealaireachd. Dh’fhaighnich e dhìom an robh mi ag iarraidh ³¦Ã ±ô buan fhàs anns an leas agam fhìn. Thuirt mi gun robh. Thug e dhomh dà phìos bheag de ghas bho aon de na lusan aige fhèin.

Nuair a thàinig mi dhachaigh, chuir mi ann an ùir iad. Thairis air a’ gheamhradh, chuir iad freumhaichean sìos. Nuair a thàinig an t-earrach, nochd duilleagan orra. 

Bha, agus tha, ³¦Ã ±ô eile a’ fàs agam. ʼS e sin an ³¦Ã ±ô ceairsleach. Ann am Beurla curly kale. Càl ceairsleach.

Ach tha an ³¦Ã ±ô buan fada nas àirde na ʼn ³¦Ã ±ô-ceairsleach. Ged a ghearras tu duilleagan gu leòr às, thig e air ais gu làidir. Tha an dà lus agam còrr math is meatair a’ dh’àirde a-nise. Cha bhi agam ri buntainn orra sa gheamhradh, a rèir choltais. Seasaidh iad ri geamhradh cruaidh.

Tha am facal ³¦Ã ±ô inntinneach. Tha e càirdeach don Bheurla kale. Ach bidh e a’ seasamh airson cabbage cuideachd. Chan eil sin iongantach oir thàinig cabbage agus kale – na lusan – bhon aon lus o shean. ʼS e Brassica oleracea a chanas luchd-saidheans ris na dhà. 

ʼS dòcha gu bheil na h-ainmean – kale agus ³¦Ã ±ô – a’ tighinn bhon Laidinn caulis. Tha sin a’ ciallachadh ‘gas’. Tha cauliflower cuideachd a’ tighinn bhon fhreumh sin. ʼS e a’ Ghàidhlig airson cauliflower – colag. Bidh sibh eòlach air lus eile a bhuineas do Brassica oleracea. ʼS e sin a’ bhuinneag Bhruisealach – no Brussels sprout. ʼS toigh leam buinneagan Bruisealach. Ach cha bhi sibh uile ag aontachadh rium!

The Little Letter 808

Do you have a garden? If you do, do you grow vegetables in it? I do, and I want to tell you about a plant I planted this year.

The plant is a type of kale that I call, in Gaelic, ³¦Ã ±ô buan. In English it’s ‘perennial kale’ that it is called. Càl buan, or ³¦Ã ±ô buan-mhaireannach if you want to be fancy.

I got the plant last year from a friend in England. He is really keen on gardening. He asked me if I was wanting to grow perennial kale in my own garden. I said I was. He gave me two small pieces of stalk from one of his own plants.

When I came home, I put them in soil. Over the winter, they put down roots. When the spring came, leaves appeared on them.

I had, and have, another kale growing. That is the ³¦Ã ±ô ceairsleach. In English ‘curly kale’. Càl ceairsleach.

But the perennial kale is much taller than the curly kale. Although you might cut many leaves from it, it comes back strongly. My two plants are now more than a metre in height. I won’t have to touch them in winter, apparently. They will withstand a hard winter.

The word ³¦Ã ±ô is interesting. It is related to the English kale. But it also stands for cabbage. That isn’t surprising because cabbage and kale – the plants – came originally from the one plant. Scientists call both of them Brassica oleracea.

Perhaps the names – kale and ³¦Ã ±ô – come from the Latin caulis. That means ‘stalk, stem’. Cauliflower also comes from that root. The Gaelic for cauliflower is colag. You’ll know another plant that belongs to Brassica oleracea. That’s the buinneag Bhruisealach – or Brussels sprout. I like Brussels sprouts. But I know you won’t all agree with me!

Broadcast

  • Sun 8 Nov 2020 16:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast