Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Episode 1

Lannsaireachd air tarbh-chù, piseagan cait-fhiadhaich agus àm breith nan uan. A French bulldog and some feisty wildcat kittens are among the animals treated, and it's lambing season in South Uist.

Anns an t-sreath seo coinnichidh sinn ri lighichean-sprèidh bho air feadh Alba is iad ri frithealadh iomadach seòrsa beathach beag is mòr, peatail agus fiadhaich. Bidh sgeulachdan toileachais agus bròin pailt agus sinn a’ coinneachadh ris gach creutair beò.
An t-seachdain-sa, ann an Siorrachd Obar Dheathain, tha Scott Rigg a’ dèanamh obair-lannsa air spòg tarbh-chù Frangach airson droch lùbadh na spòg dheiridh a cheartachadh.

Airson a’ chiad uair, tha Scott a’ cleachdadh iùilean is cumaidhean a chaidh an dèanamh a dh'aona ghnothaich dhan chù seo, a' cleachdadh clò-bhualadair 3D. Aig Pàirc Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd, ‘s e latha a’ bhanachdaich a th’ ann dha piseagan cait-fhiadhaich, ach chan eil iad idir furasta an làimhseachadh. Agus, tha David Buckland trang ann an Uibhist a Deas le caora aig àm breith nan uan

Scott Rigg operates on a French bulldog in Aberdeenshire to correct a severe bend in his leg, with the help of some new technology. This is the first time Scott has used a series of guides and templates during surgery that have been custom made for the dog using a 3D printer.

At Highland Wildlife Park, Jane Harley is vaccinating some feisty wildcat kittens, and David Buckland has his hands full in South Uist with a tricky lambing.

29 minutes

On TV

Thu 3 Oct 2024 19:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Vets: Gach Creutair Beo

Broadcasts