Main content
Sorry, this episode is not currently available

Beatha sa Bhan

Episode 3 of 10

Daoine bho air feadh Alba a tha a’ gabhail chun an rathad mhòir anns na bhanaichean-campachaidh aca fhèin. Meeting Scots who have taken to the open road in campervans.

Tha bhanaichean air an cleachdadadh airson iomadach adhbhar le diofar dhaoine, leithid luchd-ciùird agus luchd-surfaidh, ach ann an 2020, dh’ ainmich Auto Trader gun robh còrr air leth de luchd-ceannachd a’ faighinn bhanaichean a dh’ aon a ghnothaich gus an dèanamh an àirde airson siubhal.

’S e seo sgeulachd mu chultar a thòisich sna Stàitean Aonaichte agus a tha a-nis air sgaoileadh fad is farsaing – fiu ’s air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan. Leis a’ bhuaidh a thug an còrona-bhìoras air siubhal, thòisich daoine a’ coimhead air dòighean eadar-dhealaichte agus sàbhailte a bha a’ leigeil leotha a dhol air làithean saora air an stairsnich aca fhèin. Tha sinn a’ faighneachd dè tha a’ tarraingeach mu bhith a’ dol air splaoid ann a’ bhan-campachaidh agus carson a tha uidhir a dhaoine a’ dol an sàs ann?

Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ coinneachadh ri daoine bho air feadh Alba, a tha a’ gabhail chun an rathad mhòir anns na bhanaichean-campachaidh aca fhèin, nam measg, Jessica NicFhearghais, aig a bheil bhanaichean a tha i a’ cur a-mach air màl airson daoine a tha a’ sireadh làithean saora taobh a-staigh na dùthcha, Lisa Annette, a tha a’ lorg beagan saorsa an dèidh a bhith ag obair aig deasg fad na seachdanach, agus Iain Caimbeul, a fhuair fuasgladh airson nan duilgheadasan a bhiodh aige a lorg àitichean-fuirich àbhaisteach an uair a bhiodh e a’ siubhal airson obair. Cò ris a tha beatha sa bhan dha rìribh coltach agus an fhiach fheuchainn?

Vans are used for a variety of reasons and by many people from different walks of life, such as tradesmen and surfers, but in 2020, Auto Trader reported that over half of customers who bought vans did so for the purpose of conversion and travel.

This is the story of a culture, which originally emerged in the USA and has spread across the globe, reaching the Highlands and Islands. With the impact Covid has had on the travel industry, people were looking for new and safe ways to enjoy a holiday on their own doorstep. What is the appeal of a trip in a campervan and why have they seen a rise in popularity?

We meet people from across Scotland who have taken to the open road in their campervans. Jessica Ferguson hires vans out to people, Lisa Annette enjoys a little freedom after being desk-bound during the working week and John Campbell has found a solution to the problem of finding accommodation whilst travelling for work. What is van life really like and is it worth it?

In Gaelic with English subtitles

59 minutes

Credits

Role Contributor
Narrator Niall Iain MacDonald
Producer Peter Macqueen
Executive Producer Margaret Mary Murray
Production Manager Marion Maclean

Broadcasts