Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 16

Episode 16 of 19

Andrew Mackinnon looks at the impact of avian flu on wildlife and Scotland’s poultry farmers and Eilidh MacIver reports on mental health issues among men in the Highlands.

Bho nochd e as t-samhradh 2022, tha an gnè H5N1 de flu nan eun air sgrios a dhèanamh air àireamh-sluaigh eòin fhiadhaich ann an Alba leithid sùlairean agus faoileagan. Tha àiteachan leithid Am Bas ann an Lodainn an Ear air fulang gu mòr leis a seo agus miltean de dh’eòin air bàsachadh. Le rabhaidhean mu shuaile ùr den ghalair seo nas fhaide air adhart sa bhliadhna tha Anndra MacFhionghain a’ bruidhinn ri daoine air feadh Alba mu bhuaidh an tinneis air an dà chuid eun-laith agus beò-shlainnt dhaoine a tha cumail eòin-thaighe.

Tha Eilidh NicÌomhair a’ toirt sùil air slàinte-inntinn air Ghàidhleatachd, is gu h-àraid am measg fhireannaich. Tha ùinean feitheimh airson cobhair air an NHS nas fhaide air Ghàidhealtachd na an sgìre sam bith eile. Ach, mar a tha Eilidh a’ faighinn a-mach, tha saoghal an iomain a’ cur taic air dòigh do dhaoine an luib an spòrs ann an diofar dhòighean.

Since its appearance last year, the H5N1 strain of avian flu has devastated Scotland’s wild bird populations such as gannets and gulls. Colonies such as those on Bass Rock, East Lothian, have been decimated. With warnings of another wave of the disease in the coming months, Andrew Mackinnon looks at the impact of the pandemic on both wildlife and Scotland’s poultry farmers.

Eilidh MacIver reports on mental health issues among men in the Highlands, where waiting times for treatment are the longest in the UK. The area is also the heartland of shinty and Eilidh investigates the various forms of support available to those involved with the game and the challenges involved in encouraging people to seek help for their problems.

28 minutes

Flu nan eun

Flu nan eun
Tha flu nan eun air buaidh mhòr a thoirt air àireamh-sluaigh eòin-fiadhaich na h-Alba bhon t-samhradh 2022. Ri fhaicinn gach bliadhna gu ìre, tha an t-strèana sa den flu air a bhith gu sònraichte mairbhteach, a' cur às de mhòran eòin leithid sùlairean agus faoileagan. Ma bha àm ann far an robh sluagh de eòin-mara ann an àitichean leithid Am Bas ann an Lodainn an Ear, tha glè bheag dhiubh an-diugh rim faicinn, agus tro na mìosan a dh'fhalbh tha daoine air grunn eòin mharbh a chlàradh air tràighean na h-Alba.

Tha flu nan eun cuideachd air droch bhuaidh a thoirt orra-san a tha a' cumail eòin leithid cearcan agus aig cuid de thuathanasan ri na beathaichean aca a mharbhadh airson stad a chuir air an galar bho bhith a' sgapadh. Tha seo air buaidh a thoirt air ionmhas nan tuathanach, ged a tha airgead-dìolaidh ri fhaighinn dhaibhsan a dh'fheumas àireamh mhòr de eòin a spadadh.

Bird flu

Bird flu
Bird flu has had a dramatic impact on the population of wild birds in Scotland since the summer of 2022. Present every year to some extent, the current strain of the disease has been particularly virulent, with many species of birds such as gannets and gulls having been decimated. Where there might once have been huge colonies of seabirds in places such as on the Bass Rock in East Lothian, there are now very few to be seen, and throughout the past few months people have reported countless dead birds being washed up on Scotland's beaches.

Bird flu has also had a devastating impact on those who keep poultry, with some farms having to destroy thousands of birds to prevents the disease from further spreading. The financial impact this has had on farmers has been difficult to deal with, although compensation is available to those who have to cull in large numbers.

Trioblaidean slàinte-inntinn air Ghàidhealtachd

Trioblaidean slàinte-inntinn air Ghàidhealtachd
Tha daoine air a' Ghàidhealtachd nas dualtaiche a bhith a' strì le trioblaidean slàinte-inntinn. Tha sin gu sònraichte fìor 'son fireannaich agus tha sin ri fhaicinn anns an àireamh de dhaoine air a' Ghàidhealtachd a bhios a' cur an làmh nam beatha fhèin. Nise, tha buidhnean sa choimhearsnachd leithid sgiobaidhean camanachd a' gabhail orra fhèin taic a chur ri fireannaich gus am brosnachadh a bhith a' bruidhinn air agus a' dèiligeadh ris an t-slàinte-inntinn aca. Tha Comann na Camanachd a' tairgsinn sheiseanan comhairleachaidh do dhuine sam bith an lùib an spòrs agus tha seirbheis seaplaineachd aig sgioba Lòbhait airson cobhair agus taic a thoirt do chluicheadairean a tha feumach air.

Mental health issues in the Highlands

Mental health issues in the Highlands
People in the Highlands are more susceptible to mental health issues than in other areas of the UK. This is especially true for men, with evidence of this in the high proportion of suicides recorded in the area. Now, some community groups and organisations such as those connected to shinty, are taking it upon themselves to offer support and encouragement to men to open up about their feelings and talk about their mental health. The Camanachd Association has begun to offer counselling sessions to anyone connected to the sport and Lovat has for several years offered a chaplaincy service for players and support staff.

Broadcasts

Ö÷²¥´óÐã Naidheachdan

Ö÷²¥´óÐã Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon a' BhBC