Main content
Sorry, this episode is not currently available

Trusadh - Lan-sgur fuil-miosa/Menopause

Episode 8 of 9

Na tha e ciallachadh a bhith dol tro làn-sgur fuil-mìosa san là an-diugh. What it means to go through the menopause today.

Tha làn-sgur fuil-mìosa a’ toirt buaidh air an dàrna leth dhen t-saoghal ach, fhathast, tha e duilich dhuinn a bhith bruidhinn mu dheidhinn. Sa phrògram seo, thèid an craoladair, Cathy Nicdhòmhnaill, a choinneachadh ri boireannaich aig gach ìre dhen chuairt aca gus rannsachadh dè dìreach a tha e ciallachadh a bhith dol tro làn-sgur fuil-mìosa san là an-diugh.

A’ comharrachadh Mìos Mothachadh Làn-sgur Fuil-mìosa san Dàmhair, bheir am prògram sùil mionaideach air na tha tachairt ris a’ chorp agus an inntinn aig an àm shònraichte seo agus dè na leigheasan a tha ri làimh gus dèiligeadh ris. Ann an Loch Abair, thèid Cathy a chèilidh air an t-seinneadair is neach-ciùil ainmichte, Màiri Anna NicUalraig, airson còmhradh chàirdeil air a’ bhuaidh a bh’ aig làn-sgur fuil-mìosa orra fhèin agus mar a’ lorg i neart tro bhith bruidhinn a-mach. Ann an Inbhir Nis, coinnichidh Cathy ri dithis dhoctair a tha feuchainn ris an tuilleadh ghoireasan a thabhachd do bhoireannaich air a’ Ghàidhealtachd agus, ann an Glaschu, gheibh i facal air na boireannaich air chùlaibh am buidheann-taic soirbheachail, Menopause Warriors Scotland. Is bidh cothrom aig Cathy fiù’ s feuchainn air beagan yoga a-muigh!

Tro chunntasan pearsanta is fiosrachadh bho sàr-eòlaichean, bheir am prògram seo seachad tuigse air cho dùbhlanach is cho duilich ’s a dh’fhaodas an t-àm seo a bhith ach, cuideachd, na cothroman is an toileachas a dh’fhaodas a bhith na lùib.

Menopause is experienced by half the world and yet it remains a difficult subject to discuss. Broadcaster Cathy Macdonald meets women at different stages of their journey to find out just what it means to go through menopause today.

Marking Menopause Awareness Month, this programme will take a close look at what happens to the body and mind during this transformative time and what treatments are available to help deal with it. In Lochaber, Cathy visits noted singer and musician, Mary Ann Kennedy, for a heartfelt discussion about the impact that menopause had on her life and how she found strength in speaking out. In Inverness, she meets two doctors hoping to improve provisions for women in the Highlands while, in Glasgow, Cathy spends some time with the women behind the pioneering support group, Menopause Warriors Scotland. She also has the chance to try some outdoor yoga!

With moving personal accounts and expert advice, we highlight how challenging and difficult menopause can be while also looking at the opportunities and joy that can come with this life-changing experience.

In Gaelic with English subtitles

58 minutes

Credit

Role Contributor
Presenter Cathy MacDonald

Broadcasts