Main content
Sorry, this episode is not currently available

NYC MOD

Episode 1 of 10

Tha Joy Dunlop a’ dèanamh air New York airson a bhith na bean an taighe air a’ chiad Mhòd a bhios anns a’ bhaile. Joy Dunlop host the first ever New York Mòd.

Tha Joy Dunlop a’ dèanamh air New York airson a bhith na bean an taighe air a’ chiad Mhòd a bhios anns a’ bhaile. Leis gu bheil Seachdain Thartain New York air a bhith a’ dol airson còig bliadhna fichead, bidh Trusadh an làthair còmhla ri sliochd na h-Alba stèidhichte anns a’ bhaile ainmeil seo is iad a’ comharrachadh nan ceanglaichean eadar an dà dhùthaich. Bidh na mìltean de phìobairean agus dannsairean Gàidhealach ri fhaicinn air sràidean Mhanhattan agus am bliadhna seo tha seinneadairean Gàidhlig nam measg bho air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Alba cuideachd.

Bidh sinn a’ leantainn Joy, An Comunn Gàidhealach agus sgioba na seachdaine Thartain ’s iad ag ullachadh airson a’ Mhòid – far am bi bùithtean obrach agus seiseanan cèilidh a’ gabhail àite. Bidh sinn cuideachd a’ coinneachadh ri caractaran inntinneach a tha gu bhith a’ gabhail pàirt san fharpais òrain Ghàidhlig seo – leithid Pamela Jean Agaloos à Queens a tha a’ seinn Òran Chaluim Sgàire làn faireachdainn is i air oideachadh fhaighinn bho Chairistìona Primrose! No John Grimaldi a tha ainmeil am measg Albannaich nan Stàitean agus a bhios a’ seinn ann an còmhlan de dh’ fhireannaich air a bheil an t-ainm Na h-Eileanaich (uill, tha e a’ fuireach ann an Eilean Mhanhattan, agus tha na seinneadairean eile a’ fuireach ann an Eilean Staton!) Tha cuid de na co-fharpaisich a’ siubhal à Utah, Virginia ’s Washington DC agus tha fiù ’s cuideigin à Glaschu a’ gabhail pàirt a’ riochdachadh na h-Alba!

Bidh Ö÷²¥´óÐã ALBA an sin airson an sgeulachd eachdraidheil seo ann an ceòl Gàidhlig a leantainn agus thathas an dòchas gum bi muinntir nam Mòdan agus daoine a tha taiceil don chànan sna Stàitean a’ frithealadh an tachartais seo san àm ri teachd! Tha a’ chiad neach a bhuannaicheas Mòd Seachdain Thartain New York gu bhith na rionnag ùr ann an saoghal na Gàidhlig ach an dùil cò an neach a bhios soirbheachail?

Joy Dunlop heads to New York City to host the first ever New York Mòd. As part of the 25th New York Tartan Week celebration, Trusadh will join the Scottish diaspora of this iconic city to celebrate links to Scotland with thousands of pipers and highland dancers taking the Manhattan streets by tartan storm. Now there will be Gaelic singers in the mix too, from all over the USA and also Scotland.

We follow Joy, An Comunn Gàidhealach and the Tartan Week team in the build-up to the Mòd event - which includes workshops, fèis style events and cèilidh sessions. We meet some of the colourful characters who are entering this Gaelic Song Contest - such as Pamela Jean Agaloos from Queens who sings Oran Chaluim Sgàire with passion having been taught by Christine Primrose! Or John Grimaldi who is legendary in Scottish circles in the USA and sings in an all-male ensemble called Na h-Eileanaich (well he does live in Manhattan Island, and his fellow singers live in Staton Island!). Other entrants are travelling from Utah, Virginia and Washington DC. There is even a Glaswegian entrant flying the flag for Scotland!

Ö÷²¥´óÐã ALBA follows this momentous story in Gaelic music's legacy and it is hoped that this will become a 'must attend' event in the future for indigenous ‘Moddies’ and USA-based language aficionados alike! The winner of the first ever New York Tartan Week Mod is going to be Gaelic's newest superstar – tune in to find out who that will be!

In Gaelic with English subtitles

59 minutes

Credit

Role Contributor
Presenter Joy Dunlop

Broadcasts