Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Calum Iain MacLeòid

Seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh còmhla ris an Urr Calum Iain MacLeòid, Eaglais Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais. Remembrance Sunday service with Rev Calum I MacLeod.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidhean agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus 's e an t-Urr Raghnall Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Mìorbhail Gris air a sheinn le Màiri NicAonghais
Fan Maille Rium bhon a CD le Luchd Seinn nan Ã’ran
A' pìobaireachd Flowers of the Forest bha an Corporal Niall McNaughton

Leughadh: Salm 46
Ceann-teagaisg: Salm 46: 1

Mus deach e os cionn coitheanal Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais bha an t-Urr Calum Iain MacLeòid airson ochd bliadhna os cionn coitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac agus roimhe sin bha e os cionn coitheanal coitheanal Bharabhais. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Geàrranan air taobh siar Leòdhais.

'S ann do dh'eilean Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus bha e na Chrìosdaidh bho bha e trì-bliadhna-deug. Tha e fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an àm, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.

Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca, Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.

30 minutes

Last on

Sun 12 Nov 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 12 Nov 2023 10:30
  • Sun 12 Nov 2023 15:00