Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.

Tha Kirstie Allsopp air a bhith a' tarraing còmhradh air na meadhanan sòisealta ‘s i ag innse mar a chaidh a mac 's a charaid air turas tron Roinn Eòrpa air trèana. Tha i fhèin ag ràdh gu bheil na gillean gu math comasach coimhead às an dèidh fhèin. Ach, leis gu robh iad còig bliadhna deug agus sia bliadhna deug a dh’aois agus iad a' siubhal nan aonar, ghabh na seirbheisean sòisealta gnothaich ri cùisean. Tha sin a' togail na ceist - cuin a tha òigridh aosta gu leòr a bhith a’ siubhal leotha fhèin?

Agus 's e Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir cèiliche na seachdain - fear a bha na shaighdear, 's na phìobaire san arm, ann an iomadach dùthaich agus a chunnaic cogadh is cunnart annta. Le farpaisean mòra pìobaireachd an t-samhraidh air fàire aig Cruinneachadh a' Chinn a Tuath, ciamar a thàinig Dòmhnall Iain gu pìobaireachd, cò às a thàinig a chomas air a' phìob, agus cò ris a tha e coltach a bhith nad bhritheamh agus nad fharpaiseach air a' phìob mhòr?

7 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 28 Aug 2024 22:25

Broadcasts

  • Wed 28 Aug 2024 09:00
  • Wed 28 Aug 2024 22:25