Main content

Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Leis a’ Lurgainn

Leis an lurgainn o hì
Leis an lurgainn o hò
Beul an anmoich o hì
B' eudar falbh le cuid seòl

An cuan Èirinn o hì
Muir ag èirigh o hò
'S cha bu lèir dhuinn o hì
Nì fon ghrèin ach na neòil

Seachad Ìle o hì
Beul na h-oidhche o hò
Las sinn coinnlean o hì
'S chuir sinn combaist air dòigh

Seachad Àros o hì
Bha i gàbhadh o hò
'N fhairge làidir o hì
Suas gu bàrr a’ chruinn-sgòid

Thuirt an sgiobair o hì
Ri chuid ghillean o hò
"Glacaibh misneachd o hì
'S cuiribh riof na cuid seòl"

Suas a h-aodach o hì
Ri cruinn chaola o hò
Snàmh cho aotrom o hì
Ris an fhaoilinn air lòn

Fhuair sinn fosgladh o hì
Ma ceann toisich o hò
Fear ga taomadh o hì
'S gillean coltach air bòrd

Release date:

Duration:

3 minutes