Main content

Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Òran Na Leirge Ruaidh

Gillebride MacMillan - Red-throated Diver Song

Deoch! Deoch! Deoch! An loch a’ tràghadh!

Bùrn! Bùrn! Bùrn! Mo linn air pathadh,
An loch a’ tràghadh ’s mo lùth gam fhàgail!

Mo chreach! Mo nead! Mo chreach! Mo nead!
Mo chreach! Mo nead! M’ eòin is m’ uighean!

M’ urragan, m’ ulagan, m’ ulaidh ’s mo luaidh!
An loch a’ tràghadh ’s mo lùth gam fhàgail!

Bir! Bir! Bir! An linne a’ dèabhadh!
Bir! Bir! Bir! An linne a’ dèabhadh!
Bùrn! Bùrn! Bùrn! Mo linn air sgreubhadh,
An loch fàs tioram ’s mo smior a’ crìonadh
An loch fàs tioram ’s mo smior a’ sìoladh!

Mo chreach! Mo nead! Mo chreach! Mo nead!
Mo chreach! Mo nead! M’ eòin is m’ uighean!
Mo chreach! Mo nead! Mo chreach! Mo nead!
Mo chreach! Mo nead! M’ eòin is m’ uighean!
M’ urragan, m’ ulagan, m’ iomagain! M’ iargain!
An loch fàs tioram ’s mo smior a’ crìonadh

Mo dhìth! mo dhìth! Mo linn san tuilinn!

Cuidichibh! Cuidichibh! Am bùrn gan sluigeadh!
Mo chumhachd a’ liubhairt ’s an loch a’ lìonadh!
Mo chumhachd a’ liubhairt ’s an loch a’ lìonadh!

Mo chreach! Mo nead! Mo chreach! Mo nead!
Mo chreach! Mo nead! M’ eòin is m’ uighean!
Mo chreach! Mo nead! Mo chreach! Mo nead!
Mo chreach! Mo nead! M’ eòin is m’ uighean!
M’ urragan, m’ ulagan, m’ ùirsgeul dhuilich!
Mo chumhachd a’ liubhairt ’s an loch a’ lìonadh!

Release date:

Duration:

3 minutes