Main content

Bun-sgoil – Imrich

Anns an earrainn seo tha sinn a’ coinneachadh ri teaghlaichean Pòlannach a tha air co-dhùnadh an dachaigh a dhèanamh san Rìoghachd Aonaichte. Tha sinn ag ionnsachadh mu na h-adhbharan eadar-dhealaichte a tha aca airson a’ Phòlainn fhàgail agus na roghainnean duilich a bha romhpa airson sin a dhèanamh. Tha sinn a’ faicinn tron earrainn gun deach an àireamh de Phòlannaich ann an dùthchannan leithid Alba am meud gu mòr nuair a thàinig a’ Phòlainn dhan Aonadh Eòrpach agus tha sinn a’ faighinn sealladh air an dòigh-beatha a tha aig cuid den fheadhainn a ghluais.

Release date:

Duration:

9 minutes