Tha mi fo aois 18. Ciamar a dh’atharraicheas mi m’ fhiosrachadh?

1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach do chunntas a’ BhBC.

2. An uair sin, air làrach sam bith, brùth air ìomhaigh “Do chunntas” aig bàrr na duilleig. (Ma tha ainm taisbeanaichte agad, bidh sin ri fhaicinn, agus chan e “Do chunntas”). Tha e ri lorg sa bhar lorgaidh, faisg air bar seòlaidh do bhrobhsair.

3. Tagh “Seataidhean” agus thèid do thoirt gu d’ fhiosrachadh pearsanta.

4. Air sgrion “Fiosrachadh pearsanta”, faodaidh tu a h-uile càil ach a mhàin do latha breith atharrachadh. Brùth “Deasaich” ri taobh gach rud a tha thu airson atharrachadh. Dh’fhaodadh gum feumadh tu d’ facal-faire a chur a-steach gus am bi dearbhadh againn gur tu a th’ ann.

5. An uair sin, brùth “Sabhail agus lean ort”.

Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?

Feumaidh tu ùrachadh. Faigh a-mach mar a nì thu sin ann an “Tha duilgheadasan agam le m’ fhacal-faire”.

Fo aois 13?

Gheibh thu an tuilleadh mu chunntasan chloinne an seo.

Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhàin. Duilich mun sin.

Change language: