Ö÷²¥´óÐã

Ciamar is urrainn dhan phàiste agam beachdachadh, luchdachadh suas is eile?

Air ùrachadh: 11 An Dàmhair 2022

Faodaidh tu ceadan leithid beachdachadh agus luchdachadh suas a stèidheachadh nuair a chlàras tu an toiseach airson cunntas chloinne ùr. Lean na ceumannan.

Ma tha thu airson rian a chumail air na ceadan aig àm eile, tha seo nas fhasa a dhèanamh ma tha cunntas Ö÷²¥´óÐã aig an dithis agaibh. San dòigh seo, faodaidh tu do chunntas fhèin a cheangal ri cunntas do phàiste agus ceadan a stèidheachadh an sin aig àm sam bith. Mura bheil cunntas Ö÷²¥´óÐã agad fhèin faodaidh tu ³¦±ôà°ù²¹»å³ó airson fear. Tha e luath is furasta seo a dhèanamh.

Chan fheum thu cunntas Ö÷²¥´óÐã airson rian a chumail air ceadan. Nuair a dh'fheuchas do phàiste ri rudeigin ùr a dhèanamh air a' BhBC, leithid beachdachadh air làraich-lìn chloinne, iarraidh sinn orra cead fhaighinn bhuat fhèin. Gheibh thu post-d, no faodaidh tu rian a chumail air na ceadan aca .

Mar a bheir thu ceadan a bharrachd seachad air profaidhl pàiste air iPlayer

Ma dh'fhaoidhte gun do chur thu air dòigh profaidhl do phàiste le cead airson iPlayer a chleachdadh. Tha seo eadar-dhealaichte bho cunntas chloinne Ö÷²¥´óÐã. Leis gur ann le iPlayer a-mhàin a bhios seo ag obrachadh, cha bhi e comasach dhaibh goireasan air pàirtean eile dhen BhBC a chleachdadh, leithid a' cur a-steach airson farpaisean no a' beachdachadh.

Airson seo a cheadachadh, faodaidh tu cunntas chloinne Ö÷²¥´óÐã a chruthachadh airson na ceadan a stèidheachadh.

Seo mar a chruthaicheas tu cunntas chloinne air làrach-lìn Ö÷²¥´óÐã nuair a tha do phàiste air logadh a-steach mar-thà dhan phrofaidhl aca:

1. Atharraich bho phrofaidhl do phàiste chun chunntas agad fhèin

2. Log a-mach às a' chunntas agad fhèin

3. Rach gu log a-steach a-rithist

4. airson cunntas ùr airson neach fo aois 13. Thèid iarraidh ort na ceadan aca a stèidheachadh sa phròiseas seo.

Mar a nì thu neo-cheangal eadar chunntasan

Feumaidh do phàiste seo iarraidh (chan urrainn dhutsa). Ma nì iad sin, gheibh am pàrant no neach-cùraim post-d ag innse dè tha air tachairt.

Mar a nithear neo-cheangal mar phàiste:

  • Rach gu "Seataidhean" sa chunntas Ö÷²¥´óÐã agad
  • Brùth air "Ceadan chloinne"
  • Brùth air "Neo-cheangail".

An uair sin thèid neo-cheangal a dhèanamh air na cunntasan.

Cuimhnich

Ma nì am pàiste neo-cheangal eadar chunntasan, caillidh iad ceadan sam bith a chaidh a stèidheachadh roimhe. Leithid, ma tha pàrant no neach-cùraim air cead a thoirt dhan phàiste aca beachdachadh air làrach-lìn chloinne, bhiodh neo-cheangalachadh a' ciallachadh nach b' urrainn dhaibh beachdachadh tuilleadh.

Change language: