Main content

Seinneadair na Seachdain: Seumas Greumach

’S mise Seumas Greumach agus ‘s ann à Loch an Inbhir a tha mi ann an Sgìre Asainte. 'S e Gàidhlig ionnsachadh a rinn mi. Cha robh Gàidhlig againne aig an taigh ach bha Gàidhlig air taobh m’ athair, mo sheanair 's mo sheanmhair, so bhithinn, bhithinn gan cluinntinn ga bruidhinn gu math tric ach cha robh facal agam nuair a bha mi òg, nuair a bha mi a' fàs suas. So nuair a bha mi nam oileanach ann an Glaschu, bha mi aig an RSAMD agus rinn mi beagan Gàidhlig ann an sin, dìreach clasaichean Gàidhlig àbhaisteach agus nuair a cheumnaich mi bhon an RSAMD chaidh mi dhan Eilean Sgitheanach dhan an t-Sabhal Mhòr far an do rinn mi dà bhliadhna ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an sin agus rinn sin feum dhomh a thaobh mo sgilean Gàidhlig.

Tha mi smaoineachadh gur ann tro na mòdan a thòisich m’ ùidh ann a bhith a’ seinn. Bha maighstir-sgoile fìor mhath againn anns an sgoil. Bhiodh e gar brosnachadh uile a bhith a’ gabhail pàirt anns a’ mhòd agus aig deireadh an latha, 's e turas air falbh bhon an sgoil a bh’ ann aig an àm sin agus bha e math, bha e a' còrdadh ris na sgoilearan 's ris na caraidean agam. Bha ceòl againn cuideachd anns an taigh. Bidh mo mhàthair a’ cluich air a’ bhogsa-ciùil agus bhiodh m’ athair a’ seinn gu math tric 's bhiodh mo phiuthar a’ seinn agus a’ cluich a’ phiàna agus rudan mar sin so bha ceòl ann an còmhnaidh anns an taigh, 's bhiodh cèilidhean againn còmhla ri teaghlaichean 's caraidean eile so tha mi a' smaointinn gun robh seinn agam bho aois gu math òg.

Nuair a chrìochnaich mi aig an RSAMD ann an Glaschu, chuir mi a-steach airson farpais neach-ciùil òg traidiseanta na bliadhna agus bha mi gu math fortanach gun do bhuannaich mi sin agus a-mach às an fharpais sin, fhuair mi tòrr chothroman a bhith a’ seinn air feadh na dùthcha agus air feadh an t-saoghail. Bhithinn a’ frithealadh fèisean air feadh an t-saoghail ann an Canada, ann an Ameireagaidh agus anns an Roinn Eòrpa cuideachd so bha mi uabhasach fhèin fortanach. Tha mi smaointinn gun do dh’atharraich an fharpais sin mo bheatha gu mòr a thaobh a bhith faighinn cothroman seinn is rudan mar sin.

A-nise bidh mi ag obair dhan A' Chomunn Gàidhealach. 'S e An Comunn Gàidhealach a bhios a' cur air dòigh a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail gach bliadhna agus a-rithist, tha mi gu math fortanach gum faod mi cumail orm leis an t-seinn agam, a bhith a' nochdadh aig cuirmean, 's fèisean, 's consairtean 's rudan mar sin. Ach air an làimh eile tha obair sheasmhach agam cuideachd so tha mi gu math taingeil airson sin.

'S fìor thoigh leam òrain às an sgìre agam fhìn, sgìre Asainte. Thàinig tòrr òrain a-mach às an sgìre sin thairis air na bliadhnaichean. Bha tòrr bhàird ann, a' fuireach ann aig aon àm agus ma tha thu eòlach air na h-àitichean air a bheil na h-òrain a-mach, 's eòlach air na daoine anns na h-òrain, tha dlùth cheangal agad ris na h-òrain sin an uair sin.

'S e Cur Cùlaibh ri Asainte an t-òran a thagh mi. 'S ann às an sgìre agam fhìn a tha an t-òran 's chaidh a dhèanamh le fear Alasdair MacLeòid nuair a dh'fhalbh e às An Stòr, às a' Chùl Chinn ann an Asainte ann an naoi ceud deug 's a seachd. Dh'fhàg e fhèin agus caraidean dha, 's dh'fhalbh iad a Chanada ach mu dheireadh thall, thill e agus bhàsaich e anns An Stòr ann an Asainte ann an naoi ceud deug trì fichead 's a sia-deug.

A ghillean òga èistibh
Gus an dèan mi sgeula aithris dhuibh
Oir b’ fheudar dhomh bhith fàgail
An tìr a dh’àraich m’ athraichean.

Cur cùlaibh, cùr cùlaibh
Cur cùlaibh ri Asainte.
Cur cùl ri Tìr nan Gàidheal
Far an robh mi òg is amaideach.