Main content

Briosgaidean Parmasan Sheonag

Briosgaidean Parmasan Sheonag

4 unns. ìm

4 unns. parmasan ùr

5 unns. flùr plèan

Salann is piobar

1 spàin-tì ròs-Màiri no lus an rìgh (thyme)

1 spàin-tì uisge fuar

Cuir a h-uile sìon tioram ann an gnìomh-inneal-bìdh agus measgaich mun cuairt e.

Geàrr an t-ìm ann am cnapan beaga agus cuir dhan ghnìomh-inneal-bìdh iad cuideachd.

’S dòcha gu feum thu 1 no 2 spàinean-tì de dh’uisge gus an tig an taois còmhla.

Dèan rolla dheth ann an cruth isbean agus còmhdaich iad ann an cling film.

Cuir an dàrna taobh iad airson greis.

Geàrr ann an cearcaill tana iad cho mòr ri bonn dà not.

Cuir na cearcaill air treidhe le pàipear-fuine ann an àmhainn theth – 180C/350F/Gas 4 – airson 15-20 mionaid, ach cùm do shùil orra!

Cuir air treidhe uèir iad.