Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iain E脿irdsidh Mac a' Mhaoilein

Seirbheis c貌mhla ri Iain E脿irdsidh Mac a' Mhaoilein. Gaelic religious service conducted by John Archie MacMillan.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean 's na leughaidhean a leanas:
C貌isir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh a' seinn 'A Thighearna a Chruthaich is a Dhealbh Mi' agus 'Seo an Gaol mar Meud na Mara'.
Donaidh M MacLeod le 'Cia Domhain Gr脿dh an Athar Dhuinn' agus Rosemary Ward le taic bho Billy Mac a' Phi le 'Coiseachd Dl霉th'.

Leughaidhean: Marcus 2: 1-12 & 11: 25
Mata 18: 21-22

Rugadh agus thogadh Iain E脿irdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. 脌s an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus 脿 sin gu Colaiste R矛oghail na Sagartachd anns an Sp脿inn airson sia bliadhna. Th脿inig e a-mach na shagart anns an 脪gmhios, 1971. Bha e na shagart ann an D霉n Omhain, Eilean Bh貌id, Dalabrog agus 脠irisgeidh. Bha Iain E脿irdsidh ag obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh daoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' d猫iligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd l脿n-霉ine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach aig Ceann a Deas Drochaid na Banrigh le bhean, M脿iri, agus am mac Mata. Ph貌s an nighean aca Harriett as t-Samhradh anns an Eadailt. Nuair a bhios 霉ine aige dha fh猫in is toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-脿raid dhan Eadailt, far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bhiodh e ag 猫isteachd ri cl脿raidhean den ch脿nan Eadailtis 's a' feuchainn ri gn矛omhairean Eadailtis ionnsachadh - gu m矛-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Sp脿innteach a' dol an l霉ib a ch猫ile gu math tric, ach tha e c貌rdadh ris gu m貌r a bhith d猫anamh seo. Bidh e cuideachd a' cur 霉ine seachad air a' ch霉rsa golf agus a' d猫anamh t貌imhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh p矛osan beaga an siud 's an seo dhan Gh脿idhlig.
Bidh Iain E脿irdsidh os cionn nan seirbheisean G脿idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an D霉n 脠ideann uair sa h-uile sia gu ochd seachdainean.

30 minutes

Last on

Sun 5 Nov 2017 15:00

Iain E脿irdsidh Mac a' Mhaoilein

Iain E脿irdsidh Mac a' Mhaoilein

Broadcasts

  • Sun 5 Nov 2017 09:00
  • Sun 5 Nov 2017 15:00