Main content

An t-Urr Raghnall Moireasdan

Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC bho 2006 c貌mhla ris an Urr Raghnall Moireasdan. Gaelic archive service from 2006 with Rev Ronnie Morrison, Tain Free Church.

Ann an D猫anamaid Adhradh 脿 tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 102: 25-27 air fonn New London agus 's e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Ste貌rnabhagh.

Salm 24: 9-10 air fonn Montrose agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an D霉n 脠ideann.

Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e an t-Urr Calum Iain MacLe貌id a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Le貌dhais agus na Hearadh

Leughadh: 1 Corintianaich 1:10-24
Ceann-teagaisg: 1 Corintianaich 18

Bha Mgr Moireasdan na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois bho 1999 gu 2010.

Rugadh Mgr Moireasdan ann an Ceann Loch I霉 ann an 1945. Na 貌ige ghluais an teaghlach gu Ach Ille Bhuidhe far an deach e dhan sgoil an sin airson 霉ine ghoirid mus do ghluais iad an uairsin a Sgalpaigh ann an 1954. Bha 霉idh mh貌r aig Mgr Moireasdan ann am b脿taichean agus ann an iasgach agus bha e san 脿ite cheart airson sin, ach bha aige cuideachd ri oidhirp mh貌r a dh猫anamh a' Gh脿idhlig ionnsachadh agus thairis air na ceithir bliadhna a bha e ann an sin rinn e an gnothach air sin a dh猫anamh.

脌 Sgalpaigh chaidh iad a bhaile mh貌r Ghlaschu - 脿ite ris a bheil ceangal dl霉th aige fhathast agus bha e an sin gus an do dh'fh脿g e an sgoil aig c貌ig bliadhna deug.

脌s d猫idh an sgoil fh脿gail bha e ag obair ann an roinn chl貌-bhualaidh son ochd bliadhna deug gus an do ghabh teicne貌las thairis c霉isean. Nochd diofar obraichean as d猫idh sin ach cha do stad e gus an deach e air ais dhan cholaiste agus dhan oilthigh agus cheumnaich e. 脌s d猫idh ceumnachadh aig oilthigh Ghlaschu chaidh Mgr Moireasdan gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an D霉n 脠ideann son tr猫anadh a bhith na mhinistear. Fhuair e gairm gu coitheanal Ghriomasaigh agus Uibhist a Tuath - a' chiad choitheanal aige agus tha ceanglaichean l脿idir aige ris an sg矛re fhathast.

Dh'fh脿g e Uibhist 脿s a dh猫idh agus shiubhail e na m矛ltean a-null gu ruige Sydney, Astr脿ilia ann an 1997. Cho fad 's a bha e ann an sin chuir e fh猫in agus an t-Urramach Coinneach MacLe貌id (脿 Barabhas ach a tha st猫idhichte thall an sin ) air d貌igh seirbheis Gh脿idhlig agus bha iad gu math fortanach oir bha dithis de bhr脿ithrean Mhgr Moireasdain thall air l脿ithean-saora aig an 脿m agus iad le ch猫ile air leth math ann a bhith a' cur a-mach na loidhne.

Thill Mgr Moireasdan air ais a dh'Alba ann an 1999 agus chaidh a ph貌sadh ri coitheanal Bhaile Dhubhthaich far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd.

Tha Mgr Moireasdan p貌sta aig Joan agus tha dithis chloinne aca - Joanne agus John - agus ceathrar oghaichean. Nuair a bhios 霉ine aige dha fh猫in is toigh leis a bhith cur seachad 霉ine c貌mhla ri na h-oghaichean, a' gearradh an fhe貌ir, a' leughadh 's a' coiseachd. Tha 霉idh aige ann an c脿raichean 's b脿taichean agus cluichidh e Sudoku, uill, gu 矛re air choireigin co-dhi霉!

25 days left to listen

30 minutes

An t-Urr Raghnall Moireasdan

An t-Urr Raghnall Moireasdan

Broadcasts

  • Sun 5 Nov 2017 21:00
  • Sun 7 Apr 2019 21:00
  • Sunday 21:00