Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 11

Episode 11 of 19

Anna Macleod looks into the German government's proposal to legalise the recreational use of cannabis. Andrew Mackinnon is in France investigating the appearance of insects restaurant menus.

Tha riaghaltas na Gearmailt a’ beachdachadh air cleachdadh chainb airson adhbharan cleasachail a cheudachadh fon lagh airson a’ chiad uair. Thathar a’ cumail a-mach nacheil casg air a bhith soirbheachail ann a bhith ga chumail fo smachd agus daoine òga a dhion bho dhrugaichean mi-laghail. Ach, mar a tha Anna Nicleòid ag aithris, tha draghan air nochdadh mu phlanaichean a’ riaghaltais bho fheadhainn a tha rabhadh mun droch bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig cleachdadh an druga airson ùine fhada air slàinte-inntinn dhaoine.

Tha Anndra MacFhionghain anns an Fhraing a’ rannsachadh mar a tha biastagan a’ tòiseachadh air nochdadh air clàran-bìdh na dùthcha. Thathar a’ meas gu faodadh leithid de dh’ainmhidhean àite feòil a ghabhail mar bhun-stuth grunnan-feòla seasmhach anns na bliadhnaichean tha romhainn. Ach a bheil sinn deiseil airson gabhail ri leithid chniumhean-mine agus greollain mar bhiadh, air neo am bith sinn gu bràth air ar sgreamhachadh leotha?

The German government is proposing to legalise the use of cannabis for recreational purposes for the first time. It argues that the current ban has not been effective in combating illegal drug use and that legalisation will also help better protect young people. But as Anna Macleod finds out, there is concern about the government’s plans from those who warn of the long-term health effects of cannabis use.

Andrew Mackinnon is in France investigating the appearance of insects on the country’s restaurant menus. A plan to establish what is claimed will be the world’s largest insect farm near Paris has focused on the role that they could play in replacing meat as a sustainable source of protein in the future, and as the earth’s population continues to grow. But are we ready to overcome our natural revulsion at eating meal worms and crickets and accept them on our dinner plates?

28 minutes

Laghan cainb sa Ghearmailt

Laghan cainb sa Ghearmailt
Nuair a dh'fhoillsich co-bhanntachd na Gearmailt am plana riaghlaidh bha aon phoileasaidh a ghlac aire dhaoine seach gin eile: cainb a dhèanamh laghail. Tha an druga air a dhì-eucoireachadh ann an grunn àitichean san Roinn ·¡Ã²°ù±è²¹, is tha e ceadaichte a ghabhail ann am Malta, ach tha riaghaltas na Gearmailt ag iarraidh ceum a bharrachd a ghabhail. Tha iad airson fàs, sgaoileadh is reic an druga a dhèanamh laghail.

Tha Carmen Wegge na ball-pàrlamaid san SPD, thuirt ise rinn le bhith a' cur am pròiseas air fad ann an làmhan na stàite agus ga thoirt air falbh bho eucoirich gum biodh e na b' fhasa dìon a dhèanamh air daoine òga agus air slàinte phoblach. Tha e na adhbhar mhoit dhi gu bheil a' Ghearmailt a "stiùireadh poileasaidh dhrugaichean san Roinn ·¡Ã²°ù±è²¹".

Chan eil a h-uile daoine ag aontachadh. Tha Rainer Wendt na cheannard air fear de dh'aonaidhean poilis na Gearmailt. Tha esan a' rabhadh gum faodadh an lagh barrachd eucoir, is strì am measg eucoirich, adhbhrachadh – calg-dhìreach an aghaidh amasan an reachdais. Agus tha dotairean na dùthcha fìor iomagaineach mun mholadh. Chuala sinne bho thè de phrìomh lighichean-inntinn na Gearmailt gum faodadh an lagh cunnart a bharrachd a chruthachadh do dhaoine òga, gu h-àraidh bho thinneasan-inntinn leithid psychosis, ma bhios e nas fhasa grèim fhaighinn air cainb.

A thuilleadh air na ceistean laghail is meidigeach, tha buaireadh mhoralta ann. Tha an riaghaltas a' moladh gum biodh an druga air a reic le cungadairean. Tha iad mu thrath a' toirt seachad cainb mheidigeach is tha tuigse aca air an druga. Ach tha na cungadairean an aghaidh a' mholaidh bho thùs - a' fàgail tòrr dhuibh a' strì len cogais.

Tha iomairt air a bhith a' ruith fad fichead bliadhna 'son cainb a dhèanamh laghail - tha Steffen Geyer air a bhith an sàs ann agus tha e a' cur fàilte bhlàth air a' phoileasaidh ùr, an dòchas nach fhada gun tig an latha nuair nach bi e fhèin is an leithid nan eucoirich 'son beagan cainb a ghabhail an-dràsta 's a-rithist.

Dh'inns Steffen dha ·¡Ã²°ù±è²¹ g' eil esan an dòchas gu lean dùthchannan ·¡Ã²°ù±è²¹ch eile eisimpleir na Gearmailt, ach chan eil cinnt ann fhathast gun tèid an lagh troimhe. Tha an Coimisean ·¡Ã²°ù±è²¹ch a' beachdachadh am biodh reachdas dhe leithid a rèir laghan ·¡Ã²°ù±è²¹ch, is chan eil fhios fhathast de a chanas iad. Ach ged a bhiodh a' Bhruiseal na aghaidh, tha am ball-pàrlamaid Carmen Wegge a' gealltainn gu bheil atharrachadh air choireigin air fàire.

German cannabis laws

German cannabis laws
When the German government announced its programme for government one of its policies drew more attention than most: their pledge to legalise cannabis. A number of European countries have already decriminalised the personal use of the drug, and Malta has legalised its use. But Germany wants to go further: they propose to legalise the production, distribution and sale of cannabis.

Carmen Wegge is a centre-left SPD MP and explains that by having the entire process run by the state, taking supply out of the hands of criminals, it will make it easier to protect health, especially the health of young people. She's proud that Germany is, as she calls it "pioneering drug policy for Europe".

Not everyone shares her vision. Rainer Wendt heads up one of Germany's police unions - he warns of unintended consequences accompanying the legislation, saying it'll lead to an increase in criminality and gang wars, although he accepts that the current legislation is not fit for purpose. Germany's doctors also counsel caution - we hear from a leading psychiatrist about the increased risk to mental health if the government's proposal goes through, with a potential rise in cases of psychosis as more young people have access to the drug.

There's an ethical dimension, too. The government wants pharmacies to be points of access, since they've already been legally dispensing medical cannabis and have a knowledge of the drug, but they don't agree with the policy and are left in a moral quandary.
Meanwhile, those who've campaigned for years to be able to take cannabis and not be criminalised see the possibility of a different future ahead. They welcome it, and hope that Germany's ground-breaking policy could lead the way for other countries.

There's no guarantee the law will succeed - the European Commission still has to decide whether such a radical change in the law would be in line with current European legislation. But whatever Brussels says, Carmen Wegge vows that cannabis liberalisation is coming.

Biastagan a ghabhas ithe

Biastagan a ghabhas ithe
Tha an Fhraing aithnichte airson a bhith a' cruthachadh biadh aig sàr àrd ìre, ach tha i cuideachd a' cosnadh barrachd cliù airson an obair a tha i a' dèanamh ann am biastagan a ghabhas ithe. Thug Ùghdarras Sàbhailteachd Bìdh na h-·¡Ã²°ù±è²¹ cead do chnuimhean-mine a bhith air an ithe le mac-an-duine bho chionn ghoirid. Tha buannachdan cuideachd an cois bhiastagan a ghabhas ithe, agus tha cuid gam faicinn mar roghainn eile gus biadh a chruthachadh nach eil a' toirt cus droch bhuaidh air an àrainneachd. Tha tuathanasan bhiastagan a' gabhail an àirde glè bheag de rùm, agus tha an t-uabhas pròtain ri lorg annta.

Le àireamh-sluaigh na cruinne ag èirigh, thathas ag aithneachadh gum faodadh e a bhith na dhùbhlain gu leòr biadh anns a bheil pròtain a chruthachadh, agus tha cuid a' faicinn bhiastagan mar fhreagairt air an seo.

Edible insects

Edible insects
France is known for having one of the best cuisines in the world but it is also gaining a reputation for becoming a world leader in the production of edible insects. The European Food Safety Authority recently approved mealworms as the fourth insect deemed safe for human consumption. Edible insects have many benefits, and they are seen by some as part of the solution to cutting emissions of greenhouse gases in our food production. Insect farming consumes less land and they are extremely rich in protein.

As the world population rises, the production of protein is set to become a challenge and so protein-rich foods, like edible insects, are viewed as a solution to our food security.

Broadcasts

Ö÷²¥´óÐã Naidheachdan

Ö÷²¥´óÐã Naidheachdan

Naidheachdan agus fiosrachadh sa Ghàidhlig bhon a' BhBC