Main content

Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Ho Rò Mo Bhobag Dram

Ho rò mo bhobag an dram,
Ho rì mo bhobag an dram,
Ho rò mo bhobag an dram,
’S e chuireadh an sodan nam cheann.

Fhearaibh ta ’r suidhe man bhòrd,
Le ’r glaineachan cridheil nar dòrn,
Na leanamaid righinn air òl,
Ma mill sinn ar bruidhinn le bòl.

Na tostachan sigeanta fial,
Gan aiseag gu ruige mo bheul;
Bu mhireagach stuigeadh, a’s triall,
Am màrsal le ciogailt trom chliabh.

’S tu chuireadh an cuireid san t-sluagh,
’N àm cogaidh ri aodainn nan ruag,
Gun òlamaid sgailc dhiot gu luath,
Ma sguidseamaid slacain à truaill’.

Fadamaid teine beag shìos,
Na lasraichean cluin a ni grìos,
A gharas ar claigeann ’s ar crì’,
’S a dh-fhògras ar n-airteal, ’s ar sgìos.

Gur tu mo ghlaineag ghlan lom,
Mo leannan is cannaiche fonn;
Ged rinneadh thu dh’fheamain nan tonn,
Gur mòr tha do cheanal nad chòm.

O aisig, a ghlainne, do phòg!
Cuir spèiread nar teangaidh gu ceòl;
An ìocshlainte bheannaichte chòir,
A leasaicheas cnàmhan is feòil!

Release date:

Duration:

3 minutes